Air a stèidheachadh anns an Lùnasdal 2002, ’se Ceòlraidh an aon chòisir an Laideann Aimereaga an sàs ann an seinn nan òran dualchasach Gàidhlig.
A-measg prìomh amasan na còisire, ’se adhartachadh dualchas nan Gaidheal troimh chànan tùsail is ceòl na h-Alba. Bha a’ Ghàidhlig air a cur sìos fad iomadh bhliadhnaichean airson adhbharan poileataigeach, ach a tha i an-diugh a’ fas às ùr le oidheirp is gaol dhaoine -mar Cheòlraidh- a tha gan cumail beò is gan sgaoileadh ann an Argentina.
‘Si a’ Ghàidhlig aon de na cànain as sine ’san Roinn-Eòrpa a tha fhathast ga labhairt an-diugh. Tha a’ Ghàidhlig air fàs bhon chànan a bha uaireiginn na ‘lingua franca’ sgaoilte leis nan treubhan Ceilteach air feadh Eòrpa, agus ràinig i an Alba mun bhliadhna 500 AC còmhla leis na Scots a thàinig a-nall à Èirinn. An deaghaidh linntean air diochuimhne agus is dòcha mi-rùn nan oifigearan is muinntir aig nach robh Gàidhlig, mhair a’ chànan beò gus an latha an-diugh do bhrìgh luach is beairteas labhairt aice, is dìlseachd na daoine ris an dualchas aca.
Ann an Argentina, thathas a’ Ghàidhlig a theagasg don fheadhainn aig a bheil ùidh anns a’ chànan bhòidheach seo troimh chlasaichean fo stiùireadh Uilleam Santana MacFhionnlaigh, a rugadh an Argentina le sinnsearchd Albannach agus a bha ’na fhear den bhuidheann a stèidhich na còisire bho thùs. Na thidsear den chànain Ghàidhlig Albannach, dh’ ionnsaich e ann an Sabhal Mòr Ostaig an Alba, agus ann an Colaiste Na Gàidhlig ann an Alba Nuadh, Canada.
Anns a’ Ghàidhlig, ’se ceòlraidh ainm airson “muses”, neo an t-àrdachadh-inntinn aig a’ cheòl.
Tha Ceòlraidh toilichte fàilte fhialaidh a chur air an fheadhainn a tha ag iarraidh pàirt a ghabhail anns a’ chòisir is a bhith a’ còrdadh ris an fhios-fhaireachdainn seo.